top of page
k_ba_06_08 Hen party.jpg

DUALCHAIS BEÒ 

Sùgradh na bainnse

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

GALL 1 TEXT

Ann an cuid de dh’eileanan Innse Gall bha brataichean geala gu dualchasach air an cleachdadh gus an t-slighe chun eaglais a ghabhadh bean na bainnse, agus uaireannan fear na bainnse, a chomharrachadh. Bha na brataichean daonnan air an deànamh sna dachaidhean, air an crochadh le nàbaidhean, a’ cleachdadh siota, tubhailt no cuibhrig- cluasaig reubte agus tha iad daonnan geal.  Chan eil e soilleir an robh geal bho thùs a’ samhlachadh bean na bainnse no an gaol a bha iad a’ toirt dha chèile. Tha an cleachdadh gu h-àraid làidir ann an Uibhist a Tuath. 

Bhiodh deoch-làidir aig gach banais eileanach fiùs nuair nach robh e cho pailt ’s a tha e an-diugh. B’ e uisge-beatha am prìomh dheoch a bhiodh air a thairgsinn ach uaireannan bhiodh leann às an àite ann cuideachd. Cha robh banais Arcach ceart as aonais cogan bainnse. B’ e soitheach òil cruinn, fiodh a bha seo, air a dèanamh le làimh, le dà chluais oirre. Tha dà dhiofar seòrsa ann. Bha cog-gilt-cog air a chur air gach bòrd aig a’ bhanais, le 24 neach gu h-àbhaisteach aig gach bòrd. Bhiodh menye-cog air a thoirt timcheall nan aoighean le fear is bean na bainnse, iad a’ cleachdadh nan cluasan fada agus, nas cudromaiche, a’ dol deiseal.  Bha menye-cog bean na bainnse buileach làidir oir bhiodh measgachadh de dheochan-làidir, spìosraidhean agus siùcar ann, a’ leantainn reasabaidhean teaghlaich. 

Gailearaidh2 :::  

Gailearaidh 2 :::  

Tuilleadh

GALLERY 2
GALLERY 2 TEXT

Bha e na chleachdadh anns na h-Eileanan Siar a bhith a’ fighe stocainnean a bhiodh air fear na bainnse air latha na bainnse. Chan eil fhios cuin no càite a thòisich an cleachdadh agus chan eil na pàtrain a tha air na stocainnean seo coltach ri pàtrain àbhaisteach an àite. Tha iad coltach ri pàtrain a gheibhear ann an Nirribhidh agus ann am Fair Isle. 

 Tha dealbh de chleachdadh eile co-cheangailte ri stocainnean pòsaidh ri lorg ann an aiste a sgrìobh balach sgoile ann an Leòdhas ann an 1907. Bha am balach ann am buidheann a fhuair cuireadh “fear na bainnse a chur dhan leabaidh.” Mar a thòisich fear na bainnse a’ cur dheth a chuid aodaich chaidh an lampa a chur às agus b’ e a’ chiad duine air am bualadh a stocainn bainnse an ath dhuine a phòsadh. Bha cleachdadh caran coltach aca ann an Sealtainn le stocainn bean na bainnse ga tilgeil air na boireannaich a bha làthair. Bha e cuideachd na chleachdadh aig boireannaich tro oidhcheannan dorcha a’ gheamhraidh tòiseachadh a’ fighe stocainnean dhan fhear a bha iad a’ dol a phòsadh. Bhiodh iad gan sàbhaladh agus gan toirt mar thiodhlac dhan cèile nuair a phòsadh iad. 

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page