

EILEANAN
GNÌOMHACH
Ceimigeachd Cheart
Chaidh aig gnìomhachasan adhartach air stòrasan nàdarra nan eilean a chleachdadh ann an dòighean seasmhach a tha air an àrainneachd a dhìon, ged nach eil daonnan na daoine.
Chunnaic na 1800an gnìomhachas ceilpe a’ fàs air feadh nan eilean, far an robh feamainn air a chruinneachadh, a thiormachadh agus air a losgadh. Bha an luath an uair sin air a thoirt air falbh airson a chur gu feum ann an gnìomhachasan ceimigeach, siabainn agus glainne. B’ e obair air leth cruaidh agus cràiteach a bh’ ann dha muinntir na sgìre a bha an sàs ann, ag obair uairean fada ann an suidheachaidhean doirbh, air bheag tuarastail. An coimeas riutha bha e anabarrach prothaideach dha uachdarain an ama, gus an tàinig e gu crìch an ìre mhath obann sna 1840an, le bathar nas saoire a’ tighinn a-steach dhan dùthaich. Faodar luath na ceilp a chleachdadh airson uachdar-fhiaclan, silidh agus reòiteag a dhèanamh nas tighe.
Ged a thanaig Alginate Industries Ltd a dh’ Uibhist ann an 1944, bha 1968 ann mus do dh’ ath-nuadhaich iad gnìomhachas na feamad. Bha a’ chompanaidh a’ giullachd feamainn a chaidh a chruinneachadh sna h-Eileanan an Iar, ann an Arcaibh agus ann an Sealtain. Bha iad a’ reic an t-searbhaig agus an t-alcalaidh a bha iad a’ toirt às ri timcheall air 80 dùthaich. A’ bhliadhna sin choisinn iad Duais na Banrigh airson Gnìomhachas airson a bhith reic thall thairis.
’S e gnìomhachas nas ùire a th’ ann an cungaidhean-leigheis anns na h-Eileanan Siar ach tha iad air a bhith air an dèanamh an seo fad 35 bliadhna. Tha factaraidh Bhrèascleit ann an Leòdhas a-nise le BASF, an saothraiche stuthan ceimigeach as motha san t-saoghal. Tha an fhactaraidh a’ dèanamh chungaidhean-leigheis nàdarra, gu h-àraid ceimigeachd liopaid agus dèanamh shearbhagan sailleach omega-3.
Chaidh Gnìomhachas Ceimigeach Leòdhais
Chaidh Gnìomhachas Ceimigeach Leòdhais, no Stornoway Paraffin Works, a stèidheachadh bho thùs le Sir Seumas MacMhathain leis an robh Caisteal Leòdhais aig an àm. Mhair e fad seachd bliadhna deug. Coltach ri gnìomhachas giullachd na ceilp bha an Gnìomhachas Ceimigeach a’ tiormachadh agus a’ giullachd stòras a bha muinntir an àite a’ cruinneachadh. An turas seo b’ e mòine a bh’ ann agus bha i air a cleachdadh gus teàrr a dhèanamh, ann an staidean lionnach, gas agus cruaidh. B’ e paireafain am prìomh thoradh aig a’ Ghnìomhachas Ceimigeach.
Gailearaidh Bhidio ::
A Brief History of Lewis Peat
AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH