top of page
9.11.OM008 Light single drawer.jpg

EILEANAN NAN DEILBHEAN

Àirneis Làmh-cheàrdan

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh fiosrachaidh 

Anchor 2

Bha cho beag de chraobhan a’ fàs ann an Arcaibh agus Sealltainn, coltach ris na h-Eileanan Siar, agus gum bite a’ cruinneachadh fiodh-cladaich airson àirneis làmh-cheàrdan a dhèanamh. Bha seo a’ ciallachadh gum biodh gach ball-àirneis air a dheilbh a rèir nan stuthan a bha ri làimh. Bha a dhualchas fhèin aig gach eilean airson dreasairean, beingean no sèithrichean a dhèanamh. Sna h-Eileanan Siar bha beinge no seise anns gach taigh. Ann an Sealtainn chante restin chair agus bhiodh fear faisg air an teine anns gach taigh-dubh.

 

Bha sèithrichean Arcach gu traidiseanta air an dèanamh dha neach sònraichte agus bha seo a’ toirt buaidh air stoidhle agus meud an t-sèitheir. Tha iad air an deilbh ann an grunn dhòighean practaigeach a tha gam fàgail air leth bho dheilbhean Shealtainn no nan Eilean Siar. ’S e druim air a dhèanamh le fillein sràbh as sònraichte agus as fhasa aithneachadh. Bidh fasgadh sràbh air cuid dhiubh. Tràth san fhicheadamh linn dh’ aithnich Liberty & Co ann an Lunnainn dìreach cho sònraichte agus a bha an deilbh nuair a thòisich iad a’ reic seithrichean Arcach. 

Gailearaidh 2 

Gailearaidh 2 :::  

Tuilleadh fiosrachaidh 

Anchor 3
Anchor 1

Mar na deilbhean fiodh air eileanan eile, b’ ann airson fasgadh bho gaoth-fhuadain agus airson an teas bhon teine rid thaobh a chaomhnadh a bha na pàirtean sràbh. Ann an gu leòr dhiubh tha drathair gu h-ìosal airson gnothaichean a ghleidheadh. ’S e Fair Isle an aon eilean eile far a bheil sèithrichean le pàirtean srabh ach tha na deilbhean aca eadar-dhealaichte bho na deilbhean sònraichte Arcach, le togail eadar-dhealaichte air frèam an t-sèithir agus snaidhmeannan sràbh seach fuaigheal. A chionns nach eil ach aon neach gan dèanamh aig an àm seo, tha deilbh Fair Isle air an liosta dhearg airson ciùird ann an cunnart,

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page