top of page
BLUE ROCKET.jpg

ÀITICHEAN ADHARTACH

Às an t-saoghal seo

Gailearaidh::

Tuilleadh

out of this world text

Mar is trice chan eil mòran a’ smaoineachadh gu bheil ceangal dlùth sam bith eadar Fànas agus na h-Eileanan Siar. Ach chaidh cuid de na seallaidhean san fhilm 1968  ‘2001: A Space Odyssey’, leis an stiùiriche Ameireagananach Stanley Kubrick, a thogail anns na Hearadh, le fhearann creagach a’ riochdachadh Iupatar air an sgrìn. Ach on uairsin tha fealla-dhà air tighinn nas fhaisg air fìrinn, le fànas a’ tighinn nas fhaisge na bha e riamh roimhe. 

Ged nach robh port-fànais aig an Rìoghachd Aonaichte fhathast, b’ ann sna h-Eileanan Siar a chaidh a’ chiad uidheam a chur gu ruige fànas bho fhearann na RA. San Dàmhair 2015, mar phàirt de dh’ eacarsaich armailteach air an robh 'At Sea Demonstration 15' chaidh rocaid 'Terrier-Orion' le na Stàitean Aonaichte a losgadh bho Raon Innse-Gall ann an Uibhist a Deas.

San t-Samhain 2017 bha Uibhist a Deas sna naidheachdan a-rithist mar an t-àite às an deach uidheam a leigeil ma sgaoil a bhris dà chlàr san RA.  Chaidh an rud as motha a chaidh a-riamh a losgadh bho fhearann an RA  a chur suas do dh’fhànas, a’ ruighinn 320cm, an àirde bu mhotha gu ruige seo. B’ e pàirt de dh’eacarsaich eadar-nàiseanta Formidable Shield a bha an seo. 

Tha Unst ann an Sealtainn a-nis air aonta Riaghaltais na RA fhaighinn mar an làrach taghta airson Ionad Fànais Shealtainn. Thathar an dòchas gur i a’ chiad làrach a bhios ag obair gu h-iomlan ro 2022.  ’S e goireas malairteach airson saidealan a chur dìreach suas a bhios an seo, a’ freagairt air margaid eadar-nàiseanta a tha a’ fàs gu luath.  Dh’fhaodadh e bhith gum bi làrach eile airson port-fànais malairteach ann an Uibhist a Tuath. Tha saidealan air am faicinn mar theicneòlas deatamach san àm ri teachd, airson a bhith a’ cruinneachadh dàta air atharrachadh na gnàth-shìde agus an t-sìde fhèin. 

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page