top of page
header-battleofseas.jpg

ÀITICHEAN ADHARTACH

Blàr nan Cuantan Mòra 

Gailearaidh ::

Tuilleadh

Anchor 1

Bha Arcaibh air leth cudromach dhan rìoghachd tro Chiad Chogadh Mhòr. Chaidh Scapa Flow a thaghadh mar phrìomh bhunait Cabhlach Mhòr Nèibhidh na RA agus b’ e a’ chiad bhunait aca aig tuath.  Ro 1914 bha prìomh bhunaitean nèibhidh Bhreatainn daonnan air a bhith faisg air a’ Chaolas Shasannach. B’ e rùn bunait Scapa Flow smachd a chumail air na  slighean a-steach don Chuan a Tuath. 

B’ ann bho uisgeachan domhain Sgapa Flow a sheòl Cabhlach Mhòr Nèibhidh na RA a dh’ ionnsaigh costa an Danmhairg agus Blàr Jutland, am blàr mara bu mhotha sa Chiad Chogadh. Eadar 31 An Cèitean agus 1 An t-Ògmhios 1916 chailleadh corr air 6,000 seòladair Breatannach. Nam measg bha ochd duine deug à Leòdhas a bha air bòrd HMS Invincible, Black Prince, Broke, Defence agus Indefatigable. Chailleadh triùir à Sealtainn air HMS Queen Mary, HMS Invincible agus HMS Malaya agus aon duine à Arcaibh air HMS Tiger.

 

An dèidh a’ bhlàir, thadhail am Morair Kitchener, Rùnaire Stàite a’ Chogaidh, air a’ Chabhlaich Bhreatannaich, an dèidh dhaibh tilleadh gu Arcaibh. Nuair a bha e a’ falbh air bòrd HMS Hampshire, bhuail i ann am mèinn Gearmailteach agus chailleadh e fhèin agus 736 eile san sgrios. 

Gailearaidh Bhidio 1

Tuilleadh

Gailearaidh Bhidio 1 :::

Between Islands film with Tom Muir 

videos

Aig deìreadh a’ chogaidh chuir Cabhlach Mhòr na Gearmailt a soithichean fhèin fodha ann an Sgapa Flow. San Ògmhios 1919 bha Cabhlach Bhreatainn air 74 soithichean-cogaidh a chumail mar phàirt den èirig cogaidh agus bha iad a’ feitheamh fios bho na co-chòmhragaichean faic dè bu chòir dèanamh leotha. Ach ghabh Àrd-mharaiche nan Gearmailteach an cothrom òrdugh a thoirt do a chiud sheòladairean am bàtaichean a chur fodha gus nach rachadh iad ann an làmhan feachdan nan co-chòmhragaichean. 

 

Chan eil lorg ach air dà chlag bho na bàtaichean a chaidh a chur fodha ann an Sgapa Flow agus tha tè dhiubh sin crochte taobh a-muigh Eaglais Naomh Mìcheil ann an Èirisgeigh. Thàinig a’ chlag seo bho SMS Derfflinger, crùisear-cogaidh Gearmailteach aig an robh làmh ann an cur fodha HMS Queen Mary agus HMS Invincible aig Blàr Jutland. 

Gailearaidh Bhidio 2

Anchor 2

Gailearaidh Bhidio 2 :::

Kris Drever song about Scapa Flow 

Anchor 3

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page