top of page
2018.1.4i-iii.jpg

DUALCHAIS BEÒ 

Dualchasan gun Dùil 

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

text

’S e sithich no spiorad luathaireach a tha a’ siùbhal air feadh Eileanan Arcaibh agus Shealtainn, ach nach bi a’ dol cho fada deas ris na h-Eileanan Siar, a tha ann an trow. Bhathar dhen bheachd nach biodh trow a-mach ach a-mhàin air an oidhche agus bha iad coltach ris an troll Lochlannach. Bha iad beag, grannda agus tric droch-nàdarach, ged a b’urrainn dhaibh a bhith cuideachail aig amannan. Gu h-inntinneach chan eil trow boireann ann, agus le sin feumaidh iad mnathan daonna a phòsadh airson clann a bhith aca.  

Ann an Sealtainn bha e na chleachdadh aig a fhleasgach a bhith a’ leantainn fear na bainnse fad na seachdain ron phòsadh, gun fhios nach deigheadh a ghlacadh le trowaichean a bha ag iarraidh a leanann dhaibh p’fhèin. Tha ainmean-àitichean ann co-cheangailte ri trowaichean mar a tha Trowie Knowe ann an Sealtainn agus Trowie Glen ann an Arcaibh. Ach cha b’ e an trow an aon chreutair beag a bh’ann, oir faisg air Trowie Glen tha an Dwarfie Stane, le sgeulachdan mu throichean agus fuamhairean co-cheangailte ris. 

CLICK HERE to hear how the famous Smerclete pipers were taught by the fairies.

Mar a chaidh piobairean Smeircleit a theangasg le na sithiche – Tobar an Dulachas

Bha na sìthchean  a’ fuireach san t-saoghal os-nàdarra sna h-Eileanan Siar. Coltach ris an trow no na peerie folk bhiodh iad cuideachd a’ còmhnaidh ann an tulaichean no ann an cnocain bheaga, fheurach. Ged a thathar a-nis, fo bhuaidh Hollywood, a’ smaoineachadh air sithichean mar tutagan beaga, sgiathach, deàlrach, anns am b’ urrainnear earbsa a chur, cha
b’ ann mar seo a bha a’ chùis ann an dualchas nan eilean.  Bha còir eagal a bhith aig daoine ro na sìthichean oir dhèanadh iad cron ort.  Dh’fhaodadh iad bainne a dhèanamh gort, d’ aran a losgadh no, na bu mhiosa, do phàiste a ghoid. Bheireadh àm breith pàiste sàr chothrom dhaibh cron a dhèanamh, chionns gun toireadh iad leotha naoidhean air ùr-bhreith mur a bite ga fhaire no ga dhìon le seuntan no orthachan.   

Strangely Familiar Video :::  

Strangely Familiar:

The Otherworld in Lewis Life by Catriona Murray

Video Gallery 1 :::  

strangely

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page