top of page
2013_25ii (24).jpg

EILEANAN NAN DEILBHEAN

Ceumannan-fasain nan Eilean

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

Anchor 1

Nuair a thig e gu fasan chan ann tric a chì sibh Steòrnabhagh, Beinn na Faoghla, Kirkwall agus Lèiruig sna naidheachdan ri taobh Milan, Paris no New York.  Ach tha deilbhean agus aodaichean às na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn air a bhith air am faicinn air na ceumannan-fasain as ainmeil san t-saoghal.

 

Bho chionn ghoirid b’ e Fèis nan Each ann an Arcaibh a thug brosnachadh dhan deilbhiche Charles Jeffrey airson an Cruinneachadh Geamhraidh 2020 aige. ’S ann leis a tha am brannd Loverboy, agus tha e a’ sìor fhàs ainmeil. Tha na deilbhean traidiseanta Arcach air an dèanamh ann an dachaidhean dha clann ach bha na h-aodaichean ùra air an taisbeanadh aig Seachdainn Fasain Lunnainn. 

Gailearaidh2 :::  

Tuilleadh

Anchor 2

Tha an Clò Hearach no an Clò Mòr air a bhith air fhaicinn air duilleagan Vogue agus air cleasaichean film mar Ben Affleck. Tha e air brosnachadh a thoirt do dheilbhichean mar Vivienne Westwood, Henry Holland agus, nas fhaisge air an dachaidh, Sandra Mhoireach agus Netty Sopata. Aig an aon àm tha lìon-aodach air a dhèanamh ann an Sgalpaigh na Hearadh air a bhith air fhaicinn ann am filmichean Hollywood mar Hobbit: An Unexpected Journey, air
àrd-ùrlairean Broadway agus cuideachd air luchd-ciùil mar KT Tunstall.

 

Gu traidiseanta bha stòlan agus còtaichean sionnaich agus minc air am faicinn mar aodaichean dha-rìribh fasanta. Anns na 1930an thòisich tuathanais sionnaich ann an Sealtainn, le tuathanais minc greis an dèidh sin, gus na lughdaich iarrtas airson bèin agus dhùin na tuathanais sna 1970an. Tha beachdan a thaobh a bhith a’ cleachdadh bèin  bheathaichean ann an saoghal an fhasain air atharrachadh on uair sin. An-diugh, tha a’ mhòrchuid de dheilbhichean a’ toirt gealltanas nach cleachd iad idir e. Ach tha cuid ann a tha a’ tagradh gu bheil rudan nàdarra nas fheàrr dhan àrainneachd na tha aodaichean dèante le mac an duine.

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page