top of page
fireraisers.jpg

DUALCHAIS BEÒ 

Lasadh Theintean

Gailearaidh Bhidio 1 :::  

Tuilleadh

Èideadh bho fear Sguad Jarl © JJ Jamieson, Shetland

Anchor 1

’S e Up Helly Aa an fhèis teine ainmeil a thòisich ann an Sealtainn anmoch sna 1800an. Ach chan e dìreach an aon fhèis bhliadhnail a thathar a’ faicinn air an teilebhisean a tha ann, ach dusan fèis a tha dol eadar an Fhaoilleach agus a’ Mhàirt ann an coimhearsnachdan air feadh eileanan Shealtainn.  

​

Bidh buidhnean de suas ri 50 guizer air an roinn nan sguadan aig gach fèis agus faodaidh suas ri 50 sguad a bhi aig an fhèis as motha ann an Lèiruig. Cha bhi ach aon sguad aig gach fèis air an èideadh mar Lochlannaich agus air an ceann bidh an Guizer Jarl. Gu ruige 2015 chan fhaodadh ach fireannach an dreuchd a ghabhail, ach tha na fèisean teine coimhearsnachd a-nis a’ leigeil le boireannaich pàirt a ghabhail, fiùs a bhith san dreuchd urramaichte aig a’ Ghuizer Jarl.     

​

Fad feasgair a’ gheamhraidh agus air na deireadh sheachdainnean bidh gach sguad jarl a’ cur seachad an ùine a’ cruthachadh èididhean agus am mac-samhail de bhàta Lochlannach a bhios a’ losgadh mar teis meadhain Up Helly Aa. Bidh gach aois ag obair còmhla airson an èididhean a chruthachadh agus cumar iad air falach gus an tig an t-àm. ’S e urram mòr a th’ ann a bhith nad phàirt de Sguad Jarl.

​

Bidh na sguadan nach eil nan Lochlannaich a’ taghadh chuspairean cho fuadain ri sàr-ghaisgich gu caractaran eachdraidheil. Chionns gu bheil iadsan cuideachd nam pàirt den chur-seachad anns na tallachan coimhearsnachd a tha a’ leantainn fèis an teine, bidh gach sguad ag ullachadh pìos ciùil, no dibhearsain no dannsa a nì iad fhad’s a tha iad a’ siubhal mun cuairt nan tallachan. ’S e tachartas dhan choimhearsnachd air fad a tha ann, a’ ciallachadh gum bi a h-uile duine ri subhachas gu madainn.   

Gailearaidh Bhidio 2::

Gailearaidh Bhidio 2 :::  

Coimhead air bhideo air mar a tha iad a deanamh an t-aodach airson muinntir a Sguad Jarl

Jarl Squad Outfit   © JJ Jamieson, Shetland

Anchor 2

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page