top of page
banner-orange blue building.jpg

ÀITICHEAN ADHARTACH

Seudan Prìseil

Gailearaidh::

Tuilleadh

precious gems text

Tha òr agus gual  ann an Alba ach gu ruige seo cha deach òr no gual a lorg ann an Arcaibh, Sealtainn no anns na h-Eileanan Siar. A dh’ aindeoin sin tha grunn sheòrsachan chlachan luachmhor, meatailtean agus mèinnirean air a bhith air an lorg no air am mèinneadh sna h-eileanan thairis air an dà cheud bliadhna a dh’fhalbh. 

 

Chaidh copar a lorg ann an Sandwick ann an Sealtainn ann an 1789. Bha a’ mhèinn air a h-obrachadh le diofar chompanaidhean. Thathar dhen bheachd gur i a’ mhèinn a bu phrothaidiche ann an Sealtain agus bha i aig doimhneachd  84m mus do dhùin i ann an 1929. Chaidh mèinnean eile airson iarann, luaidhe, sinc, cròmium agus magnataid fhosgladh cuideachd ach cha robh a’ mhòrchuid dhiubh sin cho soirbheachail. 

 

Ged a chaidh copar, iarann, luaidhe agus fiùs uranium a lorg ann an Arcaibh cha tàinig mòran buannachd an cois oidhirpean am mèinneadh.

 

’S e na h-Eileanan Siar an aon àite am measg nam buidhnean eileanan far an deach seudan prìseil a lorg. A dh’innse na fìrinn, ’s e an aon àite san RA far an deach saifearan le càileachd sheudan a lorg. Ann an 1995 lorg sgioba de gheòlaichean safair 242 carat. Chaidh an saifir mòr seo a ghearradh na saifirean nas lugha aig 1 carat agus 0.5 carat airson an cleachdadh ann an seudraidh. Tha saifir nas lugha, a-nis ann an cruinneachadh Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, air a taisbeanadh ann am Museum nan Eilean.  

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page