EILEANAN
GNÌOMHACH
A’ chearc no an t-ugh –
dè a thàinig an toiseach?
Tron Chiad Chogadh Mhòr bha eileanaich à Arcaibh, Sealtain agus na h-Eileanan Siar an sàs ann an iomairt air an robh The National Egg Collection for the Wounded, a dh’ aindeoin ’s gu robh iad na b’ iomallaiche na sgìrean eile san RA. Chaidh an iomairt a thòiseachadh san t-Samhain 1914, an dòchas 20,000 ugh gach seachdain a chur às an RA gu saighdearan leòinte a bha ann an ospadail san Fhraing. San Lùnastal 1916 bha còrr air millean ugh a’ dol a-null thairis gach seachdain.
Fada ron chogadh b’ e gnìomhachas mòr a bh’ ann an uighean ann an Arcaibh. Fiùs cho tràth ri 1880 bha còrr air millean ugh gam breith gach bliadhna ann an Arcaibh. An dèidh an Dàrna Cogaidh chaidh an àireamh suas gu còrr air 50 millean ugh.
Gu mi-fhortanach ann an 1952, agus a-rithist ann an 1953, ann an doineann anns an robh a’ gaoth uaireannan aig còrr air 120 mìle san uair, chaidh gnìomhachas nan ugh ann an Arcaibh a sgrios leis na stoirmean agus chailleadh 86,000 cearc. Ann an 1953 chaidh còrr air 700 taigh-chearc a chuir nan spealgan no an rotadh a-mach gu muir. Bhathar a’ togail nan corp le barachan an dèidh làimh.
Cha robh gnìomhachas nan ugh aig an ìre seo idir ann an Sealtainn no sna h-Eileanan Siar ged a bha cearcan agus tunnagan gan cumail air mòran chroitean, agus tha seo fhathast fìor.
Gailearaidh 2::
Gailearaidh 2 ::
AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH