top of page
banner-flick of a switch.jpg

ÀITICHEAN ADHARTACH

Le bruthadh suidse

Gailearaidh::

Tuilleadh

flick of a switch

Tha àrainneachd nàdarra nan eilean ainmeil airson a bith glan, gun thruailleadh agus air a dheagh ghlèidheadh. Ao-coltach ri seo, thairis nam bliadhnaichean tha stòrasan nàdarra air a bhith air an toir às agus air an cleachdadh le gnìomhachasan airson prothaid. Tha seo air cosnadh èiseil agus airgead-seilbhe a thoirt dha na h-eileanan. Ann an Sealtainn chaidh Maoin Ola a stèidheachadh an dèidh barganachadh eadar na companaidhean ola agus Comhairle Eileanan Shealtainn. Dhèanadh seo cinnteach gu faigheadh muinntir Shealtainn buannachd ionmhasail às an ionad-ola a bha stèidhichte san sgìre.

  

Ann an 1974 thòisich Occidental Petroleum a’ togail ionadan-ola aig Sullom Voe ann an Sealtainn agus Flotta ann an Arcaibh. ’S e Sullom Voe an t-ionad-ola as motha a tha a’ frithealadh air raointean ola a’ Chuain a Tuath agus Flotta an dàrna ionad-ola as motha. Thàinig cruth-atharrachadh sa bhad air na h-eileanan sin.

 

Ged nach eil na h-Eileanan Siar air a bhith an sàs ann an gnìomhachas na h-ola chun na h-aon ìre tha mòran dhaoine às na h-eileanan air a bhith ag obair sa Chuan a Tuath air cruinn-ola no air na bàtaichean a tha a’ frithealadh orra. Chaidh gàrradh-togail cudromach a stèidheachadh le Lewis Offshore Ltd aig Àranais, faisg air Steòrnabhagh, ann an 1974. Bha an gàrradh a’ dèanamh tiùbaichean stàilinn agus seacaidean pàirteach dha cruinn-driligeadh sa Chuan a Tuath. Ged a tha an obair air a bhith ann is às, agus ged a tha sealbhaichean a’ ghàrraidh air atharrachadh grunn thursan, tha e air mòran obrach a thoirt dhan sgìre thairis air an 40 bliadhna a dh’fhalbh, le eadar 250 agus 500 neach a’ faighinn cosnaidh ann.   

Energy Technology

A2019_018 ArnishPoint_p5 image.jpg
energy technology

Teicneòlas Lùth

Tha ionad-ola Arcaibh stèidhichte air eilean Flotta, ann an Sgapa Flow, a’ dèanamh ceangail eadar an lùth aca agus eachdraidh armailteach. Air fhosgladh gu h-oifigeil ann an 1977, cheangail Occidental Group Ionad-ola Flotta ri raointean-ola Piper agus Claymore sa Chuan a Tuath, a’ cleachdadh 230 cilemeatair de phìoban - cha mhòr nach eil seo cho fada ris na h-Eileanan Siar bhon Bhuta Leòdhasach gu Ceann Bharraigh.  

Modail de bhàta-solair chrainn-ola, Forties Shore 

© Orkney Islands Council. Photo: Rebecca Marr  Click image below to magnify. 

OM_FortiesShore_model- 4311.jpg

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page