DAOINE
IONGANTACH
Daoine Tràth
’S e na Lochlannaich na daoine tràth as trice a tha air an ainmeachadh an co-cheangal ris na
h-Eileanan Siar agus gu h-àraid ri Arcaibh agus Sealtainn. Bhon ochdamh linn air adhart bhris na Lochlannaich a-steach dha na trì eileanan agus bho 1098 chaidh an toirt gu foirmeil bho smachd nan Lochlannach. Chaidh seanaidhean ionadail air an robh ‘Tings’, bhon t-Seann Lochlannais þing, a stèidheachadh. B’ ann aca a bha co-dhùnaidhean poilitigeach air an dèanamh, laghan air an cumail suas, bainnsean air an dèanamh oifigeil agus connspaidean air an rèiteach gun fhòirneart. Tha an
t-ainm-àite ‘Tingwall’ fhathast ann an Sealtainn agus ann an Arcaibh. Bha Iarlachd Arcaibh na mheadhan cudromach a thaobh cumhachd phoilitigeach a thug buaidh air eileanan eile na h-Alba.
B’ e na h-Eileanan Siar a’ chiad eileanan a chaidh a thilleadh gu Crùn Alba an dèidh do Rìgh Haakon IV tarraing air ais aig Blàr na Leargaidh Ghallda ann an 1263. Bha Arcaibh agus Sealtainn fo bhuaidh Nirribhidh gu anmoch sna 1460an nuair a chaidh an toirt do Rìgh Seumas III na h-Alba mar phàirt den chòrdadh a chaidh aontachadh nuair a phòs e Bana-phrionnsa Mairead na Danmhairg.
’S dòcha gur e an 200 bliadhna a bharrachd sin is coireach gum bi muinntir Shealtainn agus Arcaibh an-diugh tric ag ràdh gu bheil iad a’ faireachdainn nas Lochlannaich na tha iad Albannach. Chaidh na h-Orkneyinga saga a sgrìobhadh eadar 1192 agus 1206 ach tha na h-ainmean-àiteachan agus fuighleach arc-eòlach a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast aithnichte agus buntainneach
an-diugh. Gach bliadhna bidh muinntir Shealtainn a’ dèanamh subhachais mun dualchas Lochlannach aca leis an fhèis ainmeil Up Helly Aa.
Bidh mòran dhaoine a’ tighinn dha na h-eileanan a tuath agus siar airson na làraich arc-eòlach air an deagh ghlèidheadh fhaicinn agus na nithean iongantach a thàinig asta a tha air an taisbeanadh nan taighean-tasgaidh. Tha làraich mar The Brough of Birsay agus Jarlsholf a’ toirt sealladh do
luchd-tadhail air cò ris a bha na tuineachaidhean Lochlannach sin coltach aig aon àm. Tha fianais sna h-Eileanan Siar nas èalaidheach ach, a dh’ aindeoin sin, tha cladhach ann am Bòirnis agus ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas agus air Rubha a’ Chnìp ann an Leòdhas air saoibhreas fiosrachaidh a thoirt dhuinn, gar cuideachadh le bhith a’ leasachadh ar n-eòlas air beatha aig an àm sin.
Tha ainmean-àiteachan le faclan Lochlannach fhathast sna trì eileanan, le iomadh àite sna
h-Eileanan an Iar far a bheil Gàidhlig agus Lochlannais am measg a chèile. Tha iomadh facal
Seann-Lochlannais ann an dual-chainntean Arcaibh agus Shealtainn, gu h-àraid faclan co-cheangailte ris a’ mhuir.
AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH