ÀITICHEAN ADHARTACH
Raon-catha an latha an-diugh
Bho àm a’ Chiad Chogadh tha uidheamachd teicnigeach sònraichte air a bhith air a dhealbh air feadh an t-saoghail airson fiosrachadh a chruinneachadh no airson buaidh fhaighinn air nàimhdean. Anns a’ cheud bliadhna on uair sin tha an teicneòlas air tighinn air adhart agus air a bhith leasaichte gu mar a tha e an-diugh agus tha pàirt mhòr air a bhith aig ar n-eileanan sa chùis.
Tha Raon Innse-Gall aig Ministrealachd an Dìon, a tha a’ gabhail a-steach Hiort, am measg na feadhainn as motha san Roinn-Eòrpa. A bharrachd air a’ bhun-structur air an talamh, tha e cuideachd a’ còmhdach raon farsaing aig muir agus anns an adhar a tha mu mheud na Cuimrigh. Bho thùs chaidh an Raon a dhealbh airson tilgein Corporal agus Lance a dhearbhadh agus a losgadh. Thar nam bliadhnaichean tha feachdan armaichte na RA air còrr air 27,000 tilgein Rapier a losgadh an seo agus air targaid Carbad Èadhar gun Chriutha (UAV) a chur an sàs airson gach naoi dhiubh sin. Mar phàirt den trèanadh cha mhòr nach eil gach Àrd-ghunnair san RA agus gach saighdear talamh-gu-adhar bhon Ghunnraidh Rìoghail air a dhol tro eacarsaichean aig Raon Innse-Gall.
Chan e a-mhàin gu bheil saighdearan an RA air an trèanadh air an raon, tha e cuideachd a’ toirt taic do NATO, agus rìoghachdan eile, len trèanadh. Tha pàirt chudromach aig Raon Innse-Gall ann an Eacarsaich Joint Warrior, eacarsaich ioma-nàiseanta tarsainn taobh tuath na h-Alba airson losgadh armachd beò. Tha seo a leigeil leis an fheadhainn a tha an sàs ann an sgilean a leasachadh le bhith a’ cruthachadh diofar sheòrsachan de mhic-samhail fìrinneach de shuidheachaidhean blàir an latha an-diugh.
Gailearaidh ::: Teicneòlas Armailteach
Teicneòlas Phlèanaichean
gun Chriutha
Air 21 An Lùnastal 1998 b’ e an Aerosonde a’ chiad phlèan gun chriutha a chaidh tarsainn air a’ Chuan Siar - astar 3270 cilemeatair. Dh’fhàg i Newfoundland ann an Canada agus laigh i ann am Beinn na Faoghla 26 uair a thìde agus 45 mionaid an dèidh fàgail.
B’ e pròiseact eadar-nàiseanta a bha seo, le Oilthigh Washington, Oifis Fàisneis Marail nan Stàitean Aonaichte, Boeing, Ionad Astràilianach Rannsachadh na Sìde agus Raon Armailteach Innse-Gall aig Ministrealachd an Dìon uile an sàs ann.
Cliog air an ìomhaigh gu h-ìseal airson meudachadh:
2001.157 Aerosonde Poster - © Museum & Tasglann nan Eilean
Teicneòlas Armailteach
Chaidh Raon Armailteach Innse-Gall aig Ministrealachd an Dìon ann an Uibhist a Deas fhosgladh bho chionn còrr air 70 bliadhna, ann an 1957. B’ e tilgein Corporal a’ chiad thilgein a chaidh a dhearbhadh an seo, agus b’ iad an dìon a bha aig na Stàitean Aonaichte agus aig an RA an aghaidh ionnsaigh niuclasach àm a’ Chogaidh Fhuair. B’ e tilgein talamh gu adhar an aghaidh phlèanaichean a bh’ ann an tilgein Starburst agus Rapier. Bha iad air an cleachdadh airson bacadh a chur air seit-phlèanaichean-cogaidh Ruiseanach a bha tric air am faicinn far costa an iar na h-Alba.
Tha rocaidean sìde cuideachd air a bhith air an losgadh bho Raon Innse Gall gus dàta mun t-sìde a chruinneachadh ’s a lìbhrigeadh. Tha pàirt chudromach air a bhith aige a thaobh adhartas prògram fànais Alba agus an RA.
AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH