DUALCHAIS BEÒ
Ged is urrainn do ar n-eileanan uile nuadhas a nochdadh, agus tha iad air fàs suas ri iomadh atharrachadh agus teicneòlasan ùra thairis air linntean, tha iad fhathast a’ cumail greim daingeann air an dualchas gun choimeas agus air an cleachdaidhean.
Do gach eilean tha seo a’ toirt measgachadh sònraichte de chreideasan, beul-aithris, saobh-chràbhaidhean agus cleachdaidhean a tha nam pàirt bunaiteach den dualchas do-bheanntainn. Tha eileanaich a’ creidsinn gu bheil e cudromach a thaobh tuigse fhaighinn air an dearbh-aithne agus gu bheil e a’ dèanamh ceangail eadar iad agus an sinnsirean.
Tha beachdan air atharrachadh thairis air na linntean ach, coltach ri cuspairean co-cheangailte ris an àrainneachd, tha gu leòr a-nis a’ tuigsinn gu feum eileanaich a bhith nan luchd-gleidhidh air an dualchas fhèin ma tha iad gu bhith soirbheachail ann a bhith a’ coimhead as dèidh nan eileanan airson ginealaich ri teachd. Tha an coimeasgadh gun choimeas de dhualchasan beò na phàirt de spiorad sònraichte eileanach a tha a’ tàladh dhaoine gu tadhal orra, gu fuireach annta, agus gu bhith an sàs ann an gnothachas ann an Sealtainn, Arcaibh agus na h-Eileanan Siar.