top of page

Aithrisean Neo-àbhaisteach

PRÒISEACT EADAR EILEANAN

Fàilte gu tàisbeanadh Museum agus Tasglann nan Eilean airson Pròiseact Eadar Eileanan

 

O thùs bha dùil againn an taisbeanadh seo a shealltainn anns na taighean-tasgaidh againn ann an Leòdhas agus Beinn na Faoghla ach ri linn COVID-19 tha e air atharrachadh chun na
goireas air-loidhne seo. 

 

Chaidh an taisbeanadh seo a chruthachadh maille ri Museum agus Tasglann Shealtainn
agus Taighean-tasgaidh Arcaibh.  

 

B’ e cuspair iomlan a’ phròiseact prìomhachas a thoirt do cheangail eachdraidheil eadar na h-eileanan fhad ’s a bhathar a’ sgrùdadh agus a’ dèanamh subhachais à rudan a tha coltach ri chèile agus rudan a tha eadar-dhealaichte sna trì buidhnean eileanan an-diugh. Tha taisbeanadh Arcaibh ri lorg an seo agus taisbeanadh Shealtain an seo.

 

Tha Pròiseact Eadar Eileanan fo stiùireadh An Lanntair agus tha e air a mhaoineachadh
le LEADER 2014-2020.

Sgeulachdan Neo-àbhaisteach

’S iomadh mì-thuigsinn a tha ann mu bheatha anns na h-Eileanan Siar, Sealtainn agus Arcaibh, san àm a dh’fhalbh agus aig an àm seo fhèin.

 

Gu tric ’s e sealladh romansach de dh’ àiteachan far a bheil tìm air stad a tha aig daoine a tha a’ coimhead air na h-eileanan bho astar. Tha seann dhealbhan de thaighean-tughaidh, daoine a’ buain mòine agus boireannaich le clèibh air an dromannan fhathast ann mar bheachd uirsgeulach air cò ris a tha beatha air na h-eileanan coltach.

 

Gu tric tha sinn cuideachd air ar faicinn mar àiteachan air an iomall – iomall Alba, an RA agus an t-saoghail - cian, aonaranach, gun cheanglaichean.

 

Ged a tha na h-eileanan a’ cumail greim air an tradiseanan agus an dualchas cultarail mar phàirt cudromach de bheatha, tha sealladh nach eil iad adhartach fada bhon fhìrinn. Tron taisbeanadh seo bidh sinn a’ dèanamh sgrùdadh air a’ mheasgachadh mìorbhaileach a tha na fhìrinn dhuinn agus sinn a’ tarraing air rudan ùr-ghnàthach, teicneòlas, beul-aithris, cànan agus gu h-àraid rudan neo-àbhaisteach is iongantach! 

 

Nad bheachd fhèin dè an rud as neo-àbhaisteach mu na h-eileanan? 

Gailearaidh

Gailearaidh :::

Stiùireadh airson a’ ghailearaidh

gallery
Anchor 1

Cliog air na h-ìomhaighean as lugha gu h-àrd airson sgroladh tron ghailearaidh

Cliog air na prìomh ìomhaighean gu h-àrd gus an ìomhaigh fhosgladh le sealladh leudaichte le tuilleadh fiosrachaidh. 

Ann an sealladh leudaichte, cleachd an dealbhag gu h-ìosal airson an ìomhaigh fhaicinn 'làn-sgrion'  (clì aig a’ mhullach)

 

 

 

Ann am modh 'làn-sgrion' cleachd an dealbhag gu h-ìosal airson tilleadh chun phrìomh ghailearaidh (deas aig a’ mhullach) no brùth 'TÀRR ÀS'.

 

 

Cliog air an dealbhaig gu h-ìosal airson tilleadh chun phrìomh ghailearaidh

 

 

 

Cliog air an dealbhaig cridhe airson fios a chur thugainn mu na
h-ìomhaighean as fheàrr leat. 

fullscreenicon.jpg
minimise.jpg
close.jpg

Air ais chun a’ mhullaich 

bottom of page