top of page
GD14_9_5_1_13a.jpg

EILEANAN 

GNÌOMHACH

An clò eile

Gailearaidh 1 ::   

Tuilleadh

harris tweed text

Ged a thathas a’ coimhead air a’ chlò Hearach mar an gnìomhachas aodaich traidiseanta anns na h-Eileanan Siar, cha b’ e an aon fhear a bh’ ann. Faisg air deireadh an ochdamh linn deug bhrosnaich a’ Bhean-phòsta NicCoinnich, bean an fhir leis an robh Leòdhas aig an àm, daoine gu bhith a’ cur lìn agus stèidhich i gnìomhachas a’ dèanamh lìn-aodach airson dòigh air cosnadh a thoirt do dhaoine air an tuath.

 

Tha lìon-aodach air a dhèanamh bho shnàithleachain lìn agus ’s e giullachd fada a tha ann, ag iarraidh gum bi an lìon air fhàs, air a bhuain is air a ghlanadh, seiclearachd, snìomh, fighe, gealachadh agus dath. Le sin, cha do shoirbhich leis aig an àm. Ach bho 1996 tha
lìon-aodach ga dhèanamh a-rithist gu soirbheachail ann an Sgalpaigh.

Gailearaidh 2 ::  

gallerey 2

Gailearaidh 2 ::   

More

info

Tuilleadh

gallery 2 text

Bha gnìomhachas lìn soirbheachail ann an Alba bho na 1600an. Thòisichear a’ snìomh lìon-aodach ann an Arcaibh ann an 1747.  Shoirbhich leis eadar 1750 agus 1785, nuair a bha mu 250,000 fearsaid lìn air an reic gach bliadhna. Ann an 1790 chaidh obair lìn a steìdheachadh ann an Sealtainn ach cha do shoirbhich leis. 

 

Ged a ghabhas lìon a shnìomh air cuibhle sam bith chaidh na ceudan de chuibhlichean-snìomh lìn a thoirt a-steach do na h-eileanan airson gnìomhachas an lìn. Tha na cuibhlichean seo eadar-dhealaichte bho na cuibhlichean-snìomh snàth traidiseanta chionns gu bheil an t-seic os cionn na cuibhle. 

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page