top of page
tex_8939b lace jumper design.jpg

EILEANAN NAN DEILBHEAN

Fasain Rìoghail 

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

Tha dlùth cheangal air a bhith aig Sealtainn ri fasain rìoghail bho linn na Banrigh Bhictoria. An dèidh dhith a bhith air a crùnadh ann an 1838 cheannaich a’ Bhanrigh Bhictoria dusan paidhir de stocainnean lios Sealtainneach an dèidh coinneachadh ri Artair Anderson, an Sealtainneach a stèidhich P&O agus a thug paidhir dhith mar thiodhlac. Sna bliadhnaichean a lean, phut seo lios Sealtainneach gu àrd-ìre a thaobh fasain am measg nan uaislean.

 

Tha fighe Fair Isle na bhrannd ainmeil Sealtainneach eile. Chaidh na deilbhean dathach sònraichte sin a dhèanamh airson an reic an toiseach anns na 1920an. Fhuair am brannd spionnadh a chur ann nuair a chunnacas Eideard VIII, fhathast na Phrionnsa na Cuimrigh, air èideadh ann. Cha robh Eideard air a bhith na Rìgh ach airson bliadhna a-mhàin nuair a leig e dheth an dreuchd ann an 1936 airson Wallis Simpson a phòsadh. Bha ise air sgaradh-pòsaidh fhaighinn roimhe.

Anchor 1

Gailearaidh 2 :::  

Gailearaidh 2 :::  

Tuilleadh

Anchor 2

Chaidh nithean lios Sealtainneach a thoirt mar thiodhlacan do Bhanrigh Nirribhidh agus do 
Bhan-diùc Baile Bhòid nuair a thadhail iad ann an Sealtainn (a dh’fhosgladh an Taigh-tasgaidh agus an Tasglann). Tha na deilbhean traidiseanta air a bhith air an cur mar thiodhlacan airson bainnsean agus baistidhean rìoghail eile. 

Tha lios a tha air fhighe ann an Sealtainn air a dhèanamh air bioran tana le snàth air leth mìn a tha air a shnìomh le làimh. Mar as trice ’s e clòimh bho amhaichean nan caorach a tha air a chleachdadh chionns gur e as mìne.  Canar seàla na fàinne-phòsta uaireannan ri seàlaichean lios Sealtainneach chionns gu bheil iad cho foidhne is gun gabh an tarraing tro fàinne- phòsta. An-diugh tha an lios air a ceannach airson baistidhean, bainnsean agus sgeadachaidhean fasanta. 

 

Fad ùine mhòr tha ceangal air a bhith aig a’ Chlò Hearach ris an teaghlach rìoghail. Thug 

a’ Bhan-diùc Dunmore, sealbhaiche na Hearadh agus an tè a thòisich gnìomhachas a’ Chlò Hearaich, e gu cùirt Buckingham Palace nuair a bha i ag obair an sin meadhan nan 1800an. 

’S iomadh neach rìoghail, bhon Rìgh Eideard VIII chun na Banrigh Ealasaid II agus am Prionnsa Teàrlach, a tha air am faicinn le diofar sheòrsaichean aodaichean Clò Hearach orra. 

Anchor 3

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page