top of page
X.NA 3 PF21174.jpg

EILEANAN NAN DEILBHEAN

Ulaidhean Falaichte 

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh fiosrachaidh 

Ann an 1867 chaidh aon de na pìosan aodaich as sine agus as fheàrr glèidhte ann am Breatainn a lorg ann an Arcaibh. Chaidh an nì tearc seo, le deilbh annasach, a lorg ann am poll-mònach faisg air tuathanas Groatsetter, ann an Tankerness. Dhearbh deuchainnean deiteadh rèidio-charboin gum buineadh e do Linn an Iarainn, eadar AD250 - AD615.

 

Aithnichte mar an  ‘Orkney Hood’, ’s e cleòca clòimh le caille agus fraoidhneas a th’ann, agus   thathar a’ creidsinn gun deach a dheilbh airson pàiste. Tha e iongantach cho math ’s a tha e air a ghlèidheadh is e faisg air 2,000 bliadhna a dh’aois. Cha do rinn e cus grodadh a chionns gu robh cion ogsaidean sa pholl-mhònach agus chuidich sin le a ghlèidheadh. Tha deuchainnean air sealltainn nach deach an snàth a dhath agus gun tàinig e bho rùsgan a bha gu nàdarra donn, ’s dòcha bho chaoraich Shealtainneach. Thathar dhen bheachd gun deach am pìos le fraoidhneas ath-chleachdadh bho bhall aodaich na bu shine agus tha corra bhuaidh Danmhairgeach ri fhaicinn air. 

’S e pios aodaich ion-sàthaichte a chaidh a lorg ann am mòine ann an Seiseadar, Leòdhas, a th’ anns an nì ris an canar an ‘Sheshader Thing’. Tha e air a dhèanamh bho pad brùthte de ghaoisidean mart, le grunn chùird de shnàth toinnte agus gaoisid each air a phleatadh ceangailte ris. Buinidh e do dh’ àm eadar 3200 agus 2900 bliadhna air ais. Chan eil fios carson a bha e agus tha a bhith cleachdadh diofar shnàithleachain sa aon nì annasach. Tha iomadh beachd air a bhith ann a thaobh ciamar a dh’fhaodadh e a bhith air a chleachdadh, ’s dòcha airson tachartasan deas-ghnàthach. 

More information from The Scottish Archaeological Research Framework

Anchor 1

Gailearaidh 2

Gailearaidh 2 :::  

Tuilleadh fiosrachaidh 

Anchor 2
Anchor 3

Deilbhean Dìomhair

 

B’ e Aonghas Mac a’ Phì aon de na deilbhichean a b’ iongantaiche a bha anns na h-Eileanan Siar. Bha e aithnichte mar Figheadair an Fheòir agus, gu h-annasach, chruthaich e seacaidean, briogaisean, bòtannan agus aodach uachdar eile à feur.

  

Rugadh Aonghas ann an Uibhist a Deas ann an 1916 agus bha e anns an Dàrna Cogadh Mòr. Nuair a thill e dhachaidh lorgadh gu robh e a’ fulang le tinneas schizophrenic agus chaidh a thoirt gu Ospadal Chreag Dhùnain ann an Inbhir Nis far an robh e airson 50 bliadhna. Cha tàinig na cruthachaidhean mìorbhaileach aige am follais gu 1979, nuair a chaidh an lorg air cùl callaid le neach-ealain tadhalach. Chionns gun robh Aonghas balbh fhad ’s a bha e san ospadal chan eil mòran fiosrachaidh mu dè a bhrosnaich e gu bhith a’ fighe le feur.

 

Tha deilbhean Aonghais coltach ri brògan fighte a chaidh a lorg ann an Arcaibh agus ann an Sealtainn. Ann an Sealltainn bha iad air an cleachdadh mar chuarain ris an cante smukks. Bhiodh iad air an dèanamh le làimh mar a bhiodh feum orra agus dhèante feadhainn ùra nuair a chaitheadh an t-seann fheadhainn. Bha pìosan dhiubh air an toinneadh le sràbh agus an uairsin air am pleatadh còmhla. 

Gailearaidh 3

Anchor 4

Gailearaidh 3

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page