top of page
Double wedding.jpg

DUALCHAIS BEÒ 

Toileach air do phòsadh…

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

Tha banais na àm toilichte ann an cultar sam bith. Tha an creideasan agus an cleachdaidhean fhèin aig gach eilean, a’ ciallachadh gu bheil an obair deasachaidh fad sheachdainnean ron làtha mhòr, an t-seirbheis agus subhachas an latha ga dhèanamh air leth sònraichte.  Bhathar dhen bheachd gur e Diardaoin an latha bu shealbhaiche agus b’ e seo an latha a bha dualchasach sna h-Eileanan Siar agus ann an Arcaibh gu na 1970an. 

Ged a ràinig an creidamh Crìosdail na h-eileanan air fad eadar anmoch san t-siathamh linn agus an t-seachdamh linn, mhair iomadh cleachdadh pàganach, agus bhathas tric a’ gabhail riutha agus gan cleachdadh taobh ri taobh. Anmoch san t-siathamh linn deug chlàr Màrtainn Màrtainn gu robh e na chleachdadh aig càraidean bliadhna agus latha dearbhaidh a bhith aca, gus am faigheadh iad a-mach an robh e a’ còrdadh riutha a bhith pòsta mus gabhadh iad pàirt ann an seirbheis a bha diadhaidh agus laghail. 

Ann an Sealtainn agus Arcaibh bhiodh oidhche cùmhnant aig càraid dha na thrì sheachdainnean ron bhanais. Bhiodh an dà theaghlach a’ tighinn còmhla gus a h-uile càil co-cheangailte ris a’ phòsadh a chur air dòigh. Aon uair is gu robh na gnothaichean foirmeil seachad, glè thric bhiodh cuirm aig na teaghlaichean. On àm sin air adhart bha a’ chàraid air am meas pòsta ged nach robh iad fhathast air a dhol tron t-seirbheis laghail.

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page