top of page
21.01.OM063.jpg

DUALCHAIS BEÒ 

Acfhainnean is Eìdidhean-cinn  

Gailearaidh:::  

Tuilleadh

TEXT PLOUGH BOY

Tha fèis a tha a cheart cho sònraichte, ach a tha cho eadar-dhealaichte sa ghabhas bho ghaisgich Lochlannach Shealtainn, air a cumail gach bliadhna ann an Arcaibh. Tha Farpais Treabhaidh nan Gillean agus Fèis nan Each air a chumail gach Lùnastal air Sand o’ Wright ann an South Ronaldsay. 

 

Thathas a’ creidsinn gu bheil Farpais Treabhaidh nan Gillean a’ dol air ais gu co-dhiù anmoch sna 1800an agus chaidh ath-nuadhachadh tràth sna 1900an nuair a dheilbh iad crainn-treabhaidh beag meatailt no fiodh, ag atharrais air farpais treabhaidh nan inbheach. 

Gailearaidh Bhidio 1 :::  

Tuilleadh

Plough boy Outfit Video

Anchor 1

Co-dhiù ’s e inbhich no clann a tha an sàs ann, ’s e gnothach cudromach a th’ ann am farpais treabhaidh, le britheamh a’ coimhead faic dè cho dìreach ’s a tha gach sgrìob, a bheil toiseach ceart agus crìoch dhòigheil air, agus a bheil e aig an doimhneachd cheart. 

Mu thràth san fhicheadamh linn bhiodh na gillean òga cuideachd gan èideadh fhèin mar eich, le acfhainn sgeadaichte agus èididhean-cinn coltach ri na bhiodh air na h-eich Clydesdale aig am pàrantan. Mar a tha an t-ainm a’ cur an inntinn, b’ e balaich a-mhàin a bhiodh a’ gabhail pairt ach, bho anmoch sna 1940an, tha cead aig clann-nighean pàirt a ghabhail cuideachd. Bidh pàrantan a’ cruthachadh èididhean mòr-mhaisichte airson an clànn èideadh mar eich ann an culaidhean sgèimheach. Bidh gu leòr dhe na culaidhean a’ dol bho ghinealach gu ginealach, ach le sgeadachadh a bharrachd a’ dol orra gach bliadhna.     

 

Click below to  listen  

 ORAL HISTORY FROM SHETLAND

ORAL HISTORY FROM ORKNEY

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page