top of page
PR00097 lady with straw hat.JPEG

EILEANAN 

GNÌOMHACH

Adan Sràbh

Gailearaidh 1 ::   

Tuilleadh

staw hats text

Bho tràth san ochdamh linn deug gu meadhan na linn bha gnìomhachas soirbheachail a’ dualadh shràbhan ann an Arcaibh agus Sealtainn. Bha na sràbhan air an dualadh gus bonaidean dha boireannaich agus adan fireannaich a dhèanamh. Bhathas gan reic ri marsantan ann an Lunnainn agus luchd-malairt ann an Grianaig. Dh’fhàs adan sràbh gu bhith fasanta ri linn nan Seòrasach agus ged nach robh fèill cho mòr orra mu 1840 thàinig iad air ais dhan fhasan ri linn Bhictoria.  Mhair an gnìomhachas ann an Arcaibh gu 1870, nuair a thàinig e gu crìch an dèidh do chìsean air bathar bho thall thairis a bhith air an lughdachadh.


Chaidh an gnìomhachas a stèidheachadh ann an Sealtainn mar dhòigh air obair a sgaoileadh air falbh bho na gnìomhachasan traidiseanta mar croitearachd agus iasgach. Ràinig e àrd ìre ann an 1809 nuair a bha mu 200 boireannach aig an cosnadh ann am factaraidhean ann an Lèiruig.

Gailearaidh 1 ::   

gallery 2 staw hats

Gailearaidh ::

Tuilleadh

gallery 2 text

Cha do mhair an gnìomhachas fada ann an Sealtainn chionns nach robh am fearann torrach gu leòr airson an seòrsa sràbh de dh’ àrd chaileachd a bha a dhìth air muinntir an fhasain fhàs.  Le a thalamh tuathanais torrach b’ urrainn do mhuinntir Arcaibh seagal fhàs. Bha e an uairsin air a thiormachadh agus air a ghealachadh mus figheadh boireannaich e nan dachaighean fhèin. Bha luach £30,000 anns a’ ghnìomhachas dachaigh seo aig àirde, mu £2.4 millean ann an airgead an latha an-diugh.

 

Bha bonaidean air an reic aig margaidean airson £4 agus bha 140 slat (128m) den fhigheachan a b’fheàrr a’ dol gu bonaid a dhèanamh. Tha seo nas fhaide na fad pàirce ball-coise àbhaisteach. 

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page