top of page
skeklers large.JPEG

DUALCHAIS BEÒ 

Gighis 

Gailearaidh 1 :::  

Tuilleadh

TEXT GUISING

Tha an cleachdaidhean fhèin aig gach eilean a thaobh gidhis ach tha iad nas annasaiche anns na h-Eileanan Siar agus Sealtainn. 

Ann an Sealtainn tha measgachadh de dhualchas Ceilteach agus Lochlannach air an t-èideadh skekler sràbh sònraichte a chruthachadh.  Chaidh skekling à bith bho chionn còrr air 100 bliadhna ach b’ àbhaist dha gabhail àite eadar meadhan an Dàmhair agus meadhan an Fhaoillich.  Bhiodh na skeklerean a’ dol bho thaigh gu taigh, air an èideadh agus a’ dèanamh chleasan airson airgead no biadh.  Chan fhaodadh iad an aghaidhean a shealltainn gus an robh muinntir an taighe air tomhais cò iad. Gu h-annasach, bhiodh iad cuideachd a’ cleith an guthan le bhith a’ bruidhinn nuair a bhiodh iad a’ tarraing anail a-steach. 

Coimhead air bhideo ghoirid a’ sealltainn dannsa air Oidhche Shamhna, UIbhist a Deas mu 1932’ 

Èideadh Skekler bho Taigh Tasglaidh Sealtainn  © JJ Jamieson, Shetland

Gailearaidh Bhidio :::  

Tuilleadh

Anchor 1

Tha dà thachartas car coltach anns na h-Eileanan Siar. Air Oidhche Shamhna gu h-àbhaisteach bhiodh craicinn chaorach agus an claiginn air an cleachdadh còmhla ri pioraraigean sràbh airson falach cò bha ann. Ged a tha Oidhche Shamhna an-diugh nas malairteach tha fhathast sgìrean ann an Uibhist far a bheilear a’ cumail ri na seann chleachdaidhean, mar cleith cò thu gus an tomhais muinntir an taighe cò th’ aca mus fhaigh thu do shuiteis no d’ airgead, ag innse abhcaid, no a’ gabhail òrain no a’ dannsa. Bidh an fheadhainn mhòra a’ dol a-mach an dèidh don chloinn bheaga a dhol dhan leabaidh.  

 

Bha tachartas caran coltach ann an àitichean eile air Oidhche na Bliadhn’ Ùir agus Oidhche Challainn, nuair a bhiodh gillean callainn a’ cur orra craicinn chaorach agus a’ falbh bho thaigh gu taigh. Bhiodh iad a’ dol timcheall an taighe no an teine deiseal grunn thursan, ag aithris Duain Challainn sònraichte airson droch spioradan a chumail air falbh fad na bliadhna ùir. Chaidh an cleachdadh seo à bith ann an Leòdhas sna 1970an ach thathar ga chumail suas fhathast ann an eilean Bheàrnaraigh aig an t-Seann Bhliadhn’ Ùr. Gach bliadhna, bidh a’ chlann a’ cur orra èididhean coimheach agus a’ tadhal air gach 130 dachaidh. Tha duine sam bith nach leig iad
a-steach, no nach toir dhaibh duais, an cunnart gun tèid mallachd a chur air an taigh aca airson na bliadhna tha tighinn. 

Cliog air an ceangal-lìn gu h-ìseal airson èisdeachd ri

Beul-aithris bho Sealtainn

Beul-aithris bho Arcaibh

Gailearaidh Bhidio 2 :: 

Coimhead air bhideo ghoirid a’ sealltainn dannsa air Oidhche Shamhna, UIbhist a Deas mu 1932’ 

Gailearaidh Bhidio 2 :: 

Anchor 2

Gailearaidh Bhidio 2 :: 

© Film from the Margaret Fay Shaw Photographic Collection by permission of Canna House, the National Trust for Scotland. This may not be reproduced or copied without permission from the Canna House Archivist.

Anchor 3

Coimhead air an fiolm seo mu Oidhche Challain ann an Bearnaraigh na Hearradh bho 2007

@ Comann Eachdraidh Bhearnaraigh.  Filmed & edited by UistFilm.

Gailearaidh Bhidio 2 :: 

Anchor 4

AIR AIS CHUN A’ MHULLAICH

bottom of page